"Steall" gus tighinn!

Thèid an clàr ùr agam “Steall” a chur air bhog gu h-oifigeil air 31mh den Fhaoilleach!

Air a’ chlàr, chluinnear measgachadh de phuirt (a’ mhòr-chuid dhiubh air an dèanamh team fhìn) agus seann òrain Ghàidhlig nach cluinnear ro bhitheanta san latha a th’ ann. Ged a bha mi còrr ‘s bliadhna ga dhèanamh, bha na thlachd mòr a bhith ag obair còmhla ri Eòghann Mac a’ Phearsain (riochdaire) agus Barry MacGilleRuaidh - dithist cho comasach ‘s cho ceòlmhor air an do thachair mi a-riamh. A bharrachd orra sin, bha mi cho fòrtanach ‘s gun do chuir Seumas Mac an Tòisich (Beum-cheòl), Seumas Liondsaidh (Beus) agus Tòmas MacGileabairt (Clàirneid) taic rium air cuid de na pìosan-ciùil cuideachd.
Seo agaibh an-dràsta beagan de na tha ri chluinntinn air a’ chlàr: Òran a’ Bhranndaidh!

A song from Ewen Henderson's brand new album "Steall", available on CD and download now from https://www.ewen-henderson.com Òran a' Bhranndaidh (Duncan Ban MacIntyre) Duncan Ban MacIntyre lived between 1724-1812 and, to this day, is recognised as a true giant of Gaelic poetry whose work is still held in the highest regard by all with an interest in bàrdachd.

Eòghann MacEunraig: Sàr Dhannsair?

82957008_2454367911558416_6206817420254904320_n.jpg

Bliadhna mhath ùr dhuibh uile agus a h-uile beannachd airson 2020!

Thòisich 2020 mar a thòisich iomadh bliadhna anns an deichead a dh’fhalbh ‘s mi a’ cluich còmhla ri Mànran air Cèilidh na Bliadhn’ Ùire aig BBC Alba. Ron sin agus às a dhèidh, bha sinn, mar as àbhaist, a’ cluich air feadh na h-Alba agus thug sin cothrom don t-sluaigh èolas a chur air na buill ùra againn, Kim Carnie & Aidan Moodie, a rinn fìor mhath air a’ chuairt.

Air ais ann an Glaschu, bha fèis mhòr Celtic Connections air fàire ach, mus tàinig sin, chaidh iarraidh orm a dhol an sàs fàrpais ùr a thogadh airgead do charthannas: Strictly Come Cèilidh Dancing! Air a stèidhicheadh le Donnie “Maroot” Mac Leòid à Leòdhas, chuir Strictly coignear fìr ‘s coignear boireannaich a tha aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig/a’ chiùil an aghaidh a chèile feuch cò ghlèidheadh na duaisean mar shàr dhannsairean na fàrpaise. Tha mi a-nis mòiteil innse dhuibh gun deach an t-urram sin a bhuileachadh orm airson cho snasail ‘s cho sgiobalta ‘s a bha mi air an ùrlar. A-rèir na britheamhan cò-dhiù…
Nas cudromaiche buileach, thog an tachartas £2860 dhan Eilidh MacLeod Memorial Trust, carthannas sgoinneil a tha a’ feuchainn ri ceòlaidearan òga a bhrosnachadh ann an sgìrean iomalach air feadh na h-Alba. ‘S math a rinn a h-uile duine a bha an sàs!

Bliadhna Mhath Ùr......

Shin sibh! Nach fada bhon uairsin? Cha mhòr bliadhna air a dhol seachad bhon a chur mi ris na naidheachdan a tha seo! Feumaidh sibh uile mo leisgeul a ghabhail. Tha mi air a bhith caran traing, a’ siubhal an siud ‘s an seo ‘s an ath àite, a’ mhòr chuid den ùine ann an cuideachd Mànran ach tha mi air a bhith thall ‘s a’ bhos a’ teagasg ‘s a’ cluich a bharrachd air sin cuideachd. Agus, nuair a fhuair mi mionaid, phòs mi fhìn ‘s mo bhean Uibhisteach aig toiseach an t-Sàmhraidh - nach sinn a rinn a’ bhanais ainmeil!

Tha mi a-niste a’ cuir crìoch air a’ chiad chlàr solo “ceart” agam agus tha mi an dòchas gum bi sin ri fhaotainn an ceann mìos no dhà. (Tuilleadh naidheachdan mun sin ri thighinn a dh’ aithghearr - air m’ onair!) Air a’ chlàr bidh measgachadh de phuirt a rinn mi fhìn agus corra sheann òran a tha mi air an trusadh anns na bliadhaichean a dh’fhalbh. Tha an slighe air a bhith caran fada agus tha meall ri dhèanadh fhathast gus a thoirt a-mach ach, ged ‘s fhada muigh Barraigh, ruigear e!

ECC019-800x800.jpg

‘Flight’ ri-fhaotainn

Tha ‘Flight’, an clàr ùr aig an Afro Celt Sound System, a-nis ri fhaotainn air pre-order! Chòrd e rium gu h-ainmeil a bhith ag obair air a’ chlàr seo as t-Sàmhradh, cuide ri còrr ‘s 17 neach-ciùil eile à air feadh na Roinn Eòrpa agus Afraga. Tha an clàr a’ sgrùdadh imreachd - an dà chuid daonna agus eunach - agus thèid a sgaoileadh fad is farsaing air an 23mh den t-Samhain.

The Bard's Tale IV

Bho chionn beagan mhìosan, chaidh iarraidh orm le ceòladair ‘s sgrìobhadair Ged Grimes (Simple Minds) seisean-clàraidh a dhèanamh airson geama-coimpuitair ùr dhan robh e a’ sgrìobhadh ceòl, “The Bard’s Tale IV: Barrows Deep”.

Chuir Ged sgioba de shàr luchd-ciùil traidiseanta ri chèile (Kathleen Nic Aonghais, Ali Hutton, Martin O’Neill, Eilidh Nic Carmaig ‘s Rona Lightfoot nam measg) airson a’ chlàradh agus tha an ceòl a thàinig às aig a cheann thall sònraichte fhèin math. Cus nas fhèarr na na chualas anns na geamannan air a bheil cuimhn’ agamsa cò-dhiù!

Seo agaibh blasad de na chluinneas “geamairean” anns a’ gheama.

Film-Aithriseach mu fhìdhlearachd

San t-Sultain an-uiridh, chuir mi fàilte air sàr fhìdhlear Chanadach, Cailean Grannd, 's e air tighinn a dh'Alba airson film-aithriseach a dhèanadh a bha a' toirt sùil air cuid de na diofar nòsan fìdhlearachd a tha rin cluintinn san dùthaich agus na ceangalaichean dùthchasach eadar fìdhlearachd na h-Alba 's fìdhlearachd Cheap Breatainn. Ghabh sinn sgrìob air feadh na dùthcha a choinneachadh ri fìdhlearan à grunn sgìrean 's a' meòrachadh air na blasan 's buaidhean a chuala sinn.

Beagan seachdainean às dèidh sin, chuir Cailean fàilte orm mar an ceudna 's mi a' tadhal air Alba Nuadh gus sgrùdadh a dhèanadh air fìdhlearachd ann an Ceap Breatainn agus barrachd eòlas a chur air sgeul nan eilthireach Gàidhealach anns an dùthaich. Mar thoradh air a' chuairt againn, rinn sinn consairt aig an fhèis mhòir Celtic Colours (còmhla ri Scott Mac Ghille Mhaoil, Jason Roach, Seonaidh Mac an t-Saoir & Ingrid Nic Eunraig) a thug beò ar turas ann an ceòl.

Cò-dhiù na cò-dheth, chaidh am prògram (air a bheil "Bridge Over the Atlantic") a chraoladh ann an Canada air an 11d den Lùnasdal agus 's cinnteach gum bi e ri fhaicinn tacan fhathast an seo.*

Thèid dreach eile den phrògram a chraoladh air BBC Alba nas anmoiche sa bhliadhna ach, chun an uairsin, seo agaibh bhidio a chaidh a thogail aig a' chuirm-ciùil ann an Ceap Breatainn an-uiridh.

 

*Fhad' 's a tha thu ann an Canada air no seòlta gu leòr airson VPN a chur gu feum....