Bliadhna Mhath Ùr......

Shin sibh! Nach fada bhon uairsin? Cha mhòr bliadhna air a dhol seachad bhon a chur mi ris na naidheachdan a tha seo! Feumaidh sibh uile mo leisgeul a ghabhail. Tha mi air a bhith caran traing, a’ siubhal an siud ‘s an seo ‘s an ath àite, a’ mhòr chuid den ùine ann an cuideachd Mànran ach tha mi air a bhith thall ‘s a’ bhos a’ teagasg ‘s a’ cluich a bharrachd air sin cuideachd. Agus, nuair a fhuair mi mionaid, phòs mi fhìn ‘s mo bhean Uibhisteach aig toiseach an t-Sàmhraidh - nach sinn a rinn a’ bhanais ainmeil!

Tha mi a-niste a’ cuir crìoch air a’ chiad chlàr solo “ceart” agam agus tha mi an dòchas gum bi sin ri fhaotainn an ceann mìos no dhà. (Tuilleadh naidheachdan mun sin ri thighinn a dh’ aithghearr - air m’ onair!) Air a’ chlàr bidh measgachadh de phuirt a rinn mi fhìn agus corra sheann òran a tha mi air an trusadh anns na bliadhaichean a dh’fhalbh. Tha an slighe air a bhith caran fada agus tha meall ri dhèanadh fhathast gus a thoirt a-mach ach, ged ‘s fhada muigh Barraigh, ruigear e!