Ceap Breatainn

Film-Aithriseach mu fhìdhlearachd

San t-Sultain an-uiridh, chuir mi fàilte air sàr fhìdhlear Chanadach, Cailean Grannd, 's e air tighinn a dh'Alba airson film-aithriseach a dhèanadh a bha a' toirt sùil air cuid de na diofar nòsan fìdhlearachd a tha rin cluintinn san dùthaich agus na ceangalaichean dùthchasach eadar fìdhlearachd na h-Alba 's fìdhlearachd Cheap Breatainn. Ghabh sinn sgrìob air feadh na dùthcha a choinneachadh ri fìdhlearan à grunn sgìrean 's a' meòrachadh air na blasan 's buaidhean a chuala sinn.

Beagan seachdainean às dèidh sin, chuir Cailean fàilte orm mar an ceudna 's mi a' tadhal air Alba Nuadh gus sgrùdadh a dhèanadh air fìdhlearachd ann an Ceap Breatainn agus barrachd eòlas a chur air sgeul nan eilthireach Gàidhealach anns an dùthaich. Mar thoradh air a' chuairt againn, rinn sinn consairt aig an fhèis mhòir Celtic Colours (còmhla ri Scott Mac Ghille Mhaoil, Jason Roach, Seonaidh Mac an t-Saoir & Ingrid Nic Eunraig) a thug beò ar turas ann an ceòl.

Cò-dhiù na cò-dheth, chaidh am prògram (air a bheil "Bridge Over the Atlantic") a chraoladh ann an Canada air an 11d den Lùnasdal agus 's cinnteach gum bi e ri fhaicinn tacan fhathast an seo.*

Thèid dreach eile den phrògram a chraoladh air BBC Alba nas anmoiche sa bhliadhna ach, chun an uairsin, seo agaibh bhidio a chaidh a thogail aig a' chuirm-ciùil ann an Ceap Breatainn an-uiridh.

 

*Fhad' 's a tha thu ann an Canada air no seòlta gu leòr airson VPN a chur gu feum....